(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Caraid a' pheacaich"

THE SINNER'S FRIEND. 

CARAI D 
A'PHEAC AXCH. 



BY PERMISSION OF THE AUTHOR. 

G. GALL1E, GLASGOW. 

MACLAOHLAN AND STEWART, EDINBURGH : 
ALEX. GARDNER, PAISLEY. 

1867. 



Frice Threepence. 



THE SINNER'S FRIEND. 



C A R A I D 



A'PHEACAICH. 



BY PERMISSION OF THE AUTHOR. 



G. GALL1E, GLASGOW. 

MACLAOHLAN AND STEWART, EDINBURGH : 
ALEX. GARDNER, PAISLEY. 



1867. 



Price Threepence. 



Digitized by the Internet Archive 
in 2014 



http://archive.org/details/caraidapheacaich1867hall 



C A R A I D 
A'PHEACAICH 

BY PERMISSION OF THE AUTHOR. 



G. GALLIE, GLASGOW. 

MAC L ACHL AN AND STEWART, EDINBURGH I 
ALEX. GARDNER, PAISLEY. 



1867. 



%* Theagamh gu'm bu ni ceart e, an leabhran so thoirt 'an 
iasad, no a leughadh, d'on dream a ta tur aineolach mu shlighe 
na slàinte. Tha Dia air uairibh ag oibreachadh le meadhonaibh 
fir iriseal, — agus co aig a bheil f hios ciod a's e a thoil-san a 
dheanamh le cuspair cho faoin ri so ?* "A bheil ni sam bith ro 
ehruaidh air an Tiarna ?" 



Ni cho neoineaeh ri so. 



I rejoice to find that the " Sinner's Friend" 
is to be published in the Gaelic. It is unneces- 
sary for me to give an opinion as to the character 
and value of that excellent little work. But I 
beg leave to state, that I consider it a most suit- 
able work to be put into the hands of the poor 
Highlanders. To them it must prove a valuable 
boon; and I can truly say, that I know no per- 
son so capable of translating it into pure, simple 
idiomatic language as Mr. Munro, to whom it 
has been entrusted. He is one of the best Gaelic 
scholars living. I have looked over the M.S. 
and it is just such as I expected from the hands 
of Mr. Munro. Most sincerely do I wish all 
manner of success to the work ; and it will afford 
me much pleasure, if I can in any way promote 
its circulation. 

NOR. M'LEOD, 

Minister of St. Columba, Glasgow. 

IOxh Feb., 1837 



CARAID A' PHEACA1CH. 



A PHEACAICH! 

RINNEADH AN LEABHRAN BEAG SO 
AIR DO SHON-SÀ ! 

A chum Dòchas agus Furtachd, Aoibhneas agus 
Skh a thoirt dhut. 



A-mhain creid gu bheil Dia toileach mathanas a thoirt do gach 
uile pheacach aireachail, agus guidh gu dùrachdach airsan 
tròcair a dheanamh ort, agus biodh dearbh-chinnt agad gu'n 
dean e mathanas a thoirt dhut (seadh, eadhon dhut-sa) air 
sgàth a mhic ghràdhaich fèin. 

Cuimhnich— " Gu bheil an Tiarna, a Jeitheamh gu bhi 
gràsmhor :" uime sin, fuadaich uat buaireadh Shàtain ; 'sea 
mhiannsan nach biodh earbsa agad à tròcairibh Dhè, agus a 
thoirt ort a chreidsinn gu bheil do pheacannan cho anabarr- 
ach mor's nach faodar am mathadh. Ach tha sin ao-comasach, 
a chionn " glanaidh fail Chriosta o gach uile pheacadh.' 

Na cumadh do chogais ort màirneal 
Le smuainte bàth nach 'eil thu rèith ; 
'S i so 'n aon uigheam tha E 'g iarraidh, 
Mothach' giar thu bhi 'n'à fhèum-s'. 

'Si urnaigh dhiomhaìr, dhùrachdach, an t-aon seòi taitneach, 
sir-chinnteach, air faochadh agus furtachd fhaighinn, ri linn 
nan ànrath a's truime. 

Cridhe maoth, briste, brùite ; mothacbadh iriseal gu'n do 
thoill sinn dìteadh ; iarrtas dùrachdach air tròcair ; is nithean 
iad sin a tha dol 'an cois slàinte, agus ris nach cuir ar Dia 
gràsmhor-ne cìil gu bràth. 



6 



Tilgte do dh-Ifrinn ! 

Tilgear na Ii-Aingidh do dh-lFRiNN, agus na cinnich sin uilc 
a in dichuimhn' air Dia ! — ix. Salm, 17. 

NACH UAMHASACH A' BHINN SO ! 

A Pheacaich thruaigh— Ciod a ni thusa 'sa' chuis eagalaich 
so ? Ciamar a thàrras tusa as o bhinn na muinntir aingidh 
sin a theid a thoirt thairis do thruaighe neochriochnaich ? 

Gabh aireachas, agus creid aims an Tiarna Iosa Criosta, 
agus nitear thusa a thèarnadh. Gniomhar. xvi. 31. 

Cha chuimhnichear dhut lochd air bith a rinn thu. — Esec, 
xxxiii. 16. 

Tha an Tiarna a' tearnadh aig an aona uair dèug, — tèar- 
naidh e gus a chuid a's /aide much ; uime sin, na toir Geill 
gu bràth. Gidheadh, na cuir dàil sealain 'san aireachas. — 
Theagamh gur h-e 'm maireach do latha deirionnach. 

Thig la a' Bhreathanais ann an ùine fior ghoirid. 

Seall air an ath dbuilleig, agus lèugh a' rnbisneach a tha 
agadsa d'earbsa a'chur ann an tròcair an Dia chaoimh sin aig 
nach eil tlachd sam bith ann am bàs peacaich, (Esec. xxxiii. 
11. agus a gheall nach tilg e mach aon air bith a thig d'a 
ìonnsaidh (le cridhe dìblidh, brùite) ag earbsadh ann an toill- 
teanas a mhic ghràdhaich. 

Tha aireachas agus Mathaxas do-sgaraichte o chèile. 
Luc. xxiv. 47. 



CUIMHNICH A-RIST 7 

Nach eil pcacadh sarn bith ann nach gabh mathadh, acli am 
pcacadh 'an aghaidh an Spioraid Naoimh — Mata, xii. 31, 32, 



7 



Cha 'n eil diultadh air Aon idir. 

*'An ti a thig a'm ionnsaidh, cha tilg mise, air chor sam bith, 
a mach e. Agus is i a thoilsan a chuir uaithe mise, gu'm 
biodh a' bheatha mhairionnach aig Gach uile aon a chi am 
Mac, agus a chreideas ami ; — agus togaidh mise 'n àird e air 
an latha dheirionnach."— Eoin. vi. 37 — 40. 

Tha dearbhachd 'g à toirt anns na briathraibh so, nach diultadh 
Dia aon neach sam bith, a thigeadh h-uige air son slàinte d'a 
anam, le iarrtas dùrachdach a' bheannachd sin fhaotainn, ann 
an earbsa ri firinn, ri cumhachd, agus ri gràs Dhe, agus a' 
cleachdadh nam meadhoinean a shònraich e-fein : a dh' ain- 
deoin meudachd cionta peacaich roimhe so, a dh'aindeoin a 
sheann chleachdannan mi-bhèusaii, 'à thràillealachd do Shàtan, 
agus anf hainneachd a thigheachd gu Criosta — gidheadh nach 
tugadh sin air Dia cùl a chur ris ; agus ni mo a rùnaich Dia, 
le ordugh dìomhair, cùl a chur ris. Ri so, tha toil an Athar 
(a thaiuig am mac a nuas a" neamh a choilionadh) gu h-iomlan 
a' co-cbòrdadh ; is i a thoilsan, nach diùlteadh 's nach 
càillteadh, 'am beatha no 'am bàs, aonan diu-san a thugadh 
do'n Mhac, ach gu'n rachadh gach uile aon diu a thogail an 
àird gu sonas siorruidh, aig an latha dheirionnach. 

Tha Iosa, cha'n e mhàin a' saoradh gach uile a chreideas ann 
agus a ghèilleas dha, ach tha e 'gàn teasraiginn o chiont, o 
dhìteadh, o cbumhachd agus o thruaillidheachd am peacannan 
gu lèir : agus, fa dheireadh, saoraidh e iad o bhith* a bhi idir 
aig a' pheacadh annta, agus o chumhachd a bhi aige thairis orra, 
an uair a shluigear suas am bàs le buaidh, agus a dh' iom- 
paichear bròn gu solas siorruidh. 

A Pheacaich ! a bheil thu 'n imcheist? An diiilt thu, fad 
mionaid na h-uaire, an tairgse ghlòrmhor so air tròcair ? 'Se 
so la'na slàinte— agus tha'n t-àm sona iar teachd ortsa 's am 
faodar do pheacannan lionmhor a dhubhadh as, agus d' anam 
a shaoradh gu siorruidh. Tha caomh-chion aig Iosa ort chum 
do mhatha. O ! gabh ris ann ad chridhe, agus bheir e leis do 
neamh thu. 

Gu'n robh an earrann so 'nà beannachd agus 'nà misnich cho 
mòr do gach aon a leughas i, agus a bha i do 'n aon a rinn a 
Egriobhadh ! 



* bhcò, bheatha. 



8 



Na cul-sleomhnaich iar an Aiseag, 

Pillibh, a chlann chul-sleomhnach, agus leighisidh mise bhur 
cul-sleomhnachadh. Iereraia iii. 22. Faic fòs Lucas xv. 20. 
An uair a bha e fathast fad air falbh — 

(NACH ANN AN SO A THA a' CHAOMH-THROCAIR !) 

Eisd, mata, ri guth d' Athar agus d' aodhaire ghràdhaich, O 
thusa a leinibh chùl-sleòmhnaich agus a chaora chaillte, 's e 
gu dùrachdach ag èughach Till, Till I Na ruith tuille air an 
t-slighe leathainn maille ris an t-saoghal. Nach eil thu fa- 
thast sgith de phlaoisg an t-saoghail ? Nach eil iomagain 
idir ort rau d' anam ? Nach iomain sin thu gu Dia ? Fèuch I 
tha d' Athair agus d' Aodhaire 'gad iarraidh. Tha e iar dol 
a mach mar thà g'ad choinneachadh 's g'ad ghairm. Gabhaidh 
e riut gu toileach agus gu h-aoibhneach. Thig, a-mhàin ag 
ùrnaigh mar bha am mac Stròghail, agus bheir e dhut mathanas 
gu saor, cia bith a mheud 'sa pheacaich thu 'na aghaidh. Tha 
e comasach air gach truaillidheachd a's gràineile 'nad chridhe 
a chasg agus a leigheas : is urrainn eeadhon do shaoradh a 
craos ifrinn agus an diabhoil. Cha 'n e sin a-mhàin, ach ged 
robh seilbh aig còrr agus seacJid deomhain ort, bu chomasach e 
air an tilgeadh asad. Tòisich ri gairm air gu durachdach arm 
an ùrnaigh, agus, bochd is truagh mar tha thu, thig h-uige 
mar lighiche d' anma, chionn tha 'n lighiche agus an t-euslan, 
(Slànaighear beairteach agus peacach bochd,) ro fhreagarrach 
air a chèile. 

Tha e 'leigheas ar n-e tslaintean uile, agus faodaidh e an ni 
sin a dheanamh comasach ashaoileas tusa' bhi ro ew-comasach. 

O Iosa, — làn de fhirinn 'us de ghràs, 
Na's làine de ghràs na mise de chiont, 
A rithist aon uair iarram d'aodann gràidh 
Cuairt-ghlac mi led' ghàirdean is tàth mi riut. 
Dean leòintean m' anma thruaigh a nighe ; 
Gu ùrnaigh deasaich fonn mo chridhe ; 
O ! math mo sheachrain dhomh gu saor ! 
'S do'n pheacach àin-dìleas thoir fathast gaol. 



9 



Am Misgear iar 'Aiseag. 

Ma ghlacar neach ann an coire air bith, sibhse a ta spioradail, 
togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad rat mac- 
antachd ; a' toirt aire dhut fein nach buairear thu mar an 
ceudna. — Galat. vi. 1. 

Nach beannaichte an teagasg gràdh Chriosta do pheacaich 
bhochd, chiontach, athuit, agusathoill ifrinn ! agus 'an aite bhi 
togail suas an sùl ann an dorainn shiorruidb, aig a bheil cuir- 
eadh is ath-chuireadh tigheachd gu saor gu Tobar na trocaire 
chum's gu'n nighear air falbh am peacannan uile, agus gu'n 
deanar geal an anamannan ann am fuil an Uain. 

" A ! — deir am peacach bocbd faiteach cùl-sleòmhnach, — . 
faodaidh so freagairt gu fir mhath dhoibhsan nach do chion- 
taich cho trom 's a rinn mise, — 'an aghaidh an t-soluis, — agus 
eòlais, — agus 'an aghaidh fàirtheanadh* mo choigaise fèin, — 
agus eadhon 'an aghaidh tur-nadarra mo dheagh-thuigse fein: 
Ochan mise ! — cha bhuin na geallanna gràsmhor sin domhsa." 
Ciod a thuirt thu ? Cha bhuin iad dhutsa ! Carson? An e 
gu bheil dorus na Tròcaire cho cumhann 's nach faigh thusa 
troimhe? An e gu bheil fuil Chriosta cho ?ieo-bhrigh'or 's 
nach teid aice air do thruaillidheachd-sa uile 'ghlanadh, ged 
robh thu deich mile uair na's miosa na ta thu ? 

An cuir thu teagamh ann am facal caomh, misneachaidh 
athar ghràdhaich, a ta le sùil iomagainnich ri faire ort, a 
taosgadh a-mach cuiridh gbràsmhoir, ag ràdh, " Ciamar aleig- 
eas mi dhiom thu ? O Ephraim, till ris an Tiarna do Dhia 
oircha chuir mise 'an gniomh gairge mo chorruich ; chasgrios 
mi Ephraim ; chionn is mise Dia, agus cha duine. Thugaibh 
leibh briathran, agus tillibh ris an Tiarna, agus aidichibh ur 
peacannan." — Agus a-rist, a pheacaich thruaigh, faic ciod a 
thaisg Dia gu caomh suas air chionn a leinibh anfhainn fo 
theinn a' pheacaidh ; — cha 'n e slat ; — cha'n e mollachd ; ach 
briathran milis, caoin, tròcaireach, a their e, ('s e feitheamh 
rid' thigheachd) a thoirt misnich do d' chridhe leòinte, — 
" Leighisidh mise à' chùl-sleomhnachadh ; gràdhaichidh mi e 
gu saor; oir phill mo chorruich air falbh uaithe." — Hosea % 
xiv. 4. 

An dean thu màirneal mionaid, mata ?— no an diùlt thu an 
tròcair sin a ta 'gà tairgse cho saor leis-san ata feitheamh gu 
bhi gràs'or ? An cùm thu DIA a' feitheamh riut? O! a 
chomh-pheacaich ! tilg gun dàil thu fein aig stòl a choise, far a 
bheil, mar an ceudna, Criost e fein a'feitheamh riut gus do 
ghlacadh le 'ghràdh mathachaìl.f Leighisidh Esan gach uilb 
èucail, gach uile pheacadh : — agus tha e fad-f hulangach eadhon 
ri dìù nan diù. Cha tilg e thu sa air falbh. 



* Sanuis, carail. 



f Mathanais. 



10 



Sith do Chogais Chiontaich. 

Shlànaich do chreidimh thu ; imich 'an Sith. — Lucas vii. 50. 

Cha do chuir am boirionnach bochd so, otbrean math sam bith 
'an gniomh, roi 'n àm so, a bheireadh air an Tiarna taobh 
a bhi aige rithe, — ach tbainig i d'a ionnsaidh comh-luath 's a 
mhothaich i dearbhachd air a peacadh : — chreid i gu'n robh 
cumhachd aigesan mathanas a thoirt dhi r — agasfhuair i ?nath~ 
anas gun dàU, ged à bha a peacannan lionmhor. 

Nis' achomh-pheacaich,— tha 'an so agadsa gach misneach a's 
comasach a bhi, deanamh mar rinnise chum's gu'n ruigthu air 
a' bheannachd cheudna, air an trocair cheudna, air a' mhath- 
anas cheudna. Tha Criosta cho deònach an diugh, 'sa bha 
e o cheann 8 ceud deug blianna, furan agus mathanas 
a thoirt do gach peacach fein-dhitte a thig "h-uige, a dh'- 
iarraidh fasgaidh agus fuasglaidh : agus cha chuis-bhacaidh 
dhut e tighin h-uige ged tha do pheacannan anabarrach duaicb- 
nidh, agus ged do lean thu annta ioma blianna ; tha cumhachd, 
gràdh agus trocair Chriosta, gu mor a' toirt barr air peacannan 
an t saoghail uile. 

Tha e gle chosail gu'm bu bhana-pheacach ro chombarraichte 
am boirionnach bochd ud a thai nig far an robh an Tiarna, tè 
do'n dream bu shuairiche fad ioma blianna ; gidheadh cha 
d'f huair i bèum no beulom air a shon sin ; cha d' rinneadh 
eadhon luaidh air gnè à cuid ciont (Esec. xxxiii. 16.) agus 'an 
àit' i bhi iar à fuadach air falbh ann à h-aingidheachd, 'sann a 
choinnich i ri gaol agus trocair a mhath dhi à ciont, agus a 
dh'iarr oirre falbh ann an sith. 

Faodaidh an earrann so tachairt air crèutair bochd eigin de 
bhoirionnach, a ta, ma dh'fhaoite, cho truaillidh agus cho 
dìblidh, diù, ris an tè 'chaidh iomradh, te a chaith moran de 
'beatha ann an slighe shuaraich shalaich — ach cha'n eil fàth 
eudòchais aice — is ionan do Chriosta fathast ; tha e lan trocair ; 
lan firinne ; agus " saoraidh e chum na criche 's /aide mark 
gach uile a thig gu l)ia trid-san." 

A h-uile peacach bochd a dh'iarras mathanas 'na pheacadh, 
le run cridhe gu'n trèig e e, gheibh e mathanas ann ampi'iobadh. 
Tha an Tiarna daonnan toileach mathanas a thoirt seachad. 
Faic cùis an Lobhair thruaigh ann am Marc, an i. chaib. 
r. 41, 42. 



11 



Mathanas do'n Chiontach. 

Glan mi le hisop, agus bithidh mi glcm ; ionnlaid mi agw 
biihidh mi na's gile na'n sneachda. Falaich do ghniiis om' 
pheacaibh, agus dubh asm' èuceartan gu leir.— Salm. li. 7—9. 
Ged robh ur peacannan (dearg) mar sgarlaid, nithear cho 
gealris an t-sneachd iad; ged robh iad (trom dhcarg) mar 
chorcur, nithear geal iad mar olann. — Isaia i. 18. 

Dhubh mi as mar neul d'euceartan* agus mar cheo do lochdan ; 
pill rium oir shaor mis' thu.—lsa. xliv. 22. 



Cha chòìr dhuinn fuireach air falbh o Chriosta, dh' aindeoin 
ar tuislidhean agus ar coireannan iomadach ; thilgeadh sin 
sinn fo'n lagh a-rist, agus cheangladh e sinn fo dhi- 
teadh ; ach bu chòir dhuinn sinn fein a striochdadh 
air ball 'am fianuis Dhè, agus mathanas iarraidh gu 
dùrachdach, air sgath fala Chriosta. Mar is faide chuireas 
sinn dàil ann an so, is ann a's miosa 'dh' fhàsas ar cor; 
agus mar a's luaithe 'ni sinn e, 's ann a's luaithe 'gheibh 
sinn mathanas. A thaobh's nach eil an Tiarna 'g agairt oirnn 
nam peacannan sin as 'na ghabh sinn dearbh-aireachas, til idli 
ar n-anam a-rìst g'a f hois : agus 'an àite dhuinn tuiteam (mar 
shaoiles cuid) ann an tèaruinnteachd fheòlmhor, 'sanna near- 
taichear ar creidimh agus a nitear sinn na's furachaire. Greas, 
ma ta, agus thig cho luath agus cho math 's a 's comas dhut. 
Gabhaidh esan riut ged nach bu chomas dhuit direach ach 
snàgan. 



Gabh impidh tighin direach 'mar thà thu ; 'se sin direach 
an ceart chor anns an gabh Criosta ri peaeaich. Na'm bu 
chomas dhut a dhearbhadh gu bheil thu ann a leithid de chor 
's nach bu chomas tròcair idir a nochdadh dhut, bhiodh leth- 
sgeul agad dàil adheanamh, chum's gu'n oirpicheadh tu air thu 
fein a dheasachadh ; ach cha ghabh sin deanamh. Ann an 
sealladh Dhe cha 'n aindeise idir d' aindeise-sa; mar a's miosa 
do chor, 's ann a's mò tha dh' aobhar agad grad thoirt ort gu 
Criosta ; agus mar a's faide dh' fhanas tu air d' ais, is ann a's 
cunnartaiche 'chuis. 



12 



Fireanachadh Saor. 

Am peacannan no an euceartan cha chuimhnich mi tuille.— 
Eabh. x. 17. Ier. xxxi. 34. Jsa. xliii. 25. Esec. xxxvi.25— 
29. Mica. vii. 19. 

Ann an saor-fhireanachadh peacaich 'am fianuis Dhe, ami abhi 
'gabhail ris, agus a' toirt dha sìth cogaise, tha 'n soisgeul 
a' taisbeanadh a chumhachd fein a chum slàinte. Tha 
e a' teachd dh'ionnsaidh a' pheacaich aireachail mar 
fhrithealadh na fireantachd, — mar ghuth rèite agus sithe. 
Tha e a' fosgladh dorsan a' phriosain, agus a' toirt a chead 
do'n chiomach. Bu làidìr cumhachd an lagha; ach, ann an 
coimeas ris an U&oisgeul, bu laigsinn an lagh, agus cha bu 
chomas dha ni sam bith a dheanamh foirfidh. Bu chumhachd 
gu sgrios, neart an lagha. Is cumhachd a bheir beò, cumhachd 
an t-soisgeil. Cha b'urrainn do'n lagh, ach an duine bha fotha 
roimhe, a chumail fotha; cha b' uirainn da gu brath beatha 
thoirt dha a-rist. Ach is treasa gu mòr a'chumhachd a bheir 
beatha, na a' chumhachd a bheir bàs. Tha 'n soisgeul mar so 
cumhachdach gu dol seachad air easaontas 'us air a' pheacadh; — 
air saorsa thoirt do na h-anamaibh a ta 'n sàs, agus air dànachd 
a thoirt, 'am fianuis Righ nan Naomh, do phriosanaich thruagh 
an Diabhoil. An uair a bheirear cridhe a' pheacaich fo 
chumhachd an t-soisgeil le feairt an Spioraid Naoimh, bheir e 
air falbh uallach a chionta; cuiridh e tosd air gach iomchair; 
lionaidh e 'n creideach le misneach an dòchais ; toirmisgidh e 
do gach ball-a.rmachd soirbheachadh 'na aghaidh ; agus ditidh 
e gach teanga a ghluaiseas ann am breathanas an aghaidh i" 
anama. Am fireanachadh a ni an Soisgeul — tha e buileach agus 
iomlan. Vile pheacannan beatha iomlan duine, cia bith lion 
mhor iad, cia bith an*tromaichte, tha iad iar an dubhadh as, ann 
am priobadh, agus sin gu siorruidh. (Lucas, vii. 47J Co 
chuireas ni sam bith à leth pobull taghte Dhe ? 'Se Dia a dh' 
f hireanaicheas. Co e a dhiteas ? 'Se Criosta 'fhuair bàs ; 
's e b'àille leama ràdb, a dh' èirich a-rist; — a tà aig deas- 
laimh Dhe gu siorruidh ; agus, far am beil Criosta, 'an sin is 
èigiri d'a luchd.leanmhainn abhi mar an ceudna. 

Anns a* chaochladh iomlan so air dàimh peacaich ri Dia» 
tha an soisgeul a' taisbeanadh a mhor-chumhachd fein;- tha e 
a' tionndadh faobhar a' chlaidheimh-bhreathanais gu taobh, 
agus a' deanamh aoibhneis e bhi buadhachadh thair diteadh ; a' 
bhi saoradh anama o eagal, — o chunnart, — agus o'n bhàs : — 
tha e taisbeanadh gur h«e cumhachd Dhe e a chum Slaintb 
A pheacaich ! Dean aoibhneas. 



13 



Naomhachadh. 

Naomhaichibh an Tiarna Dia ann 'ur cndhachaibk, 
1 Pheadar, iii. 15. 

Tha mòran ann a ghabhas gu toileach ri teagasg an fhirean- 
achaidh, trid creidimh (Rom. iii. 28.), ach nach 'eil cho fir 
thoileach gabhail ri teagasg eile ata co-ionan cudromach, 'se sin 
naomhachadh, le cònuidh bhi aig an Spiorad naomh a stigh 
'sa' chridhe (1 Chorint. iii. 16, 170 nc N ann am briathribh eile, 
Criost a bhi daonnan 'n an taobh a-stigh 'mar an f hionain 
fhiòr. (Eoin xv. 4, 5.) 

Cha'n eil còir, no ùghdarras idir, o'n sgriobtur naomh, 
aig neach air bith, a smaoineachadh gu bheil e fein iar fhir- 
eanachadh mur h-eil e fòs iar a naomhachadh agus a' dearbh- 
adh sin le giùlan 's le caitheamh-beatha atb-nuadbaichte. 
Cha dean caochladh sam bith o'n leth a-mach feum ; is obair 
o'n leth a-stigh a dh'fhèumas a bhi ann, a dhùisgeas fuath 
do gach uile smuain, do gach uile bhriathar, agus do gach uile 
ghniomh peacach. Cha 'n e mhàin gu'm feum sinn gach uile 
choslas uile a sheachnadh, ach 's ann is èudar dhuinn gràin a bhi 
againn do uile thograidhean peacach ar nàduir, agus cath 
'nan aghaidh ; — uile thograidhean an duine o'n leth stigh, — 
far nach comasach do shuil sam bith, ach sùil Dhè, dearc- 
adh. Cha dean biùthas no deagh-bharail ar co-pheacach 
ach ar mealladh gu truagh, mur hi ar cogais aonsgeulach 
leinn, a' toirt fianuis gu bheil fudal agus miann durachdach 
òirnn a bhi iar ar naomhachadh o gach uile shal, — air chor's 
gu'm bi ar n-imachd gu dearbh dlu air Dia. 

Fèumidh sinn sinn-fein a sgaradh gu buileach o gach uile 
ni mt-naomha ann an gniomh 's ann an smuain; agus is èud- 
ar dhuinn, mar an cèudna, dùlan trèun a thoirt do sgeig 'us do 
bhùrd ar seann chompanach, agus an t-saoghail, na'm bu mhiann 
leinn deagh-ghean Dhia a mhealtainn, no teachd beò chum a 
ghlòire, (2 Timo. iii. 12.) Cha dean leth-obair fèum: feurn- 
idh sinn a bhi uile air taobh Dhia: 'an sin siubhlaidh ar 
sith mar abhainn ; 'an sin " ath-ùraichear sinn ann an spiorad 
ar n-inntinne;" 'an sin cuiridh sinn uminn an nuadh dhuine, 
ata, do rèir Dhè, iar a chruthachadh ann am fireantachd agus 
fir naomhachd— oil-, as èugais naomhachd cha'n fhàic duine 
sam bith Dia. 

Fhir-aidmhail neo-chùramich ! — bi air d' fhaicill nach dean, 
thu faoinais de naomhachd, no de'n pheacadh: ma ni thu 
dearmad air an aon, no ma chleachdas tu 'n t-aon eile, tha sin 
co-ionan gu d' sgrios (Sèum. iii. 8.) Dtiisg a chum firean- 
tachd, agus na peacaich ; oir tha mòran ann ata 'nan nàimbd- 
ean do cbrann-cèusaidh Chriosta — a ta ri uaill as an nàire, — 
daoine aindiadhaidb do'n ceann-criche sgrios. Na Uthibhse 
mar iadsan, ach naomhichibh an Tiarna ann bhur cridhe, agus 
cumibh sibh-fein ann an gràdh Dhè gun smal o'n t-saoghal, 
agus ur dùil ri gràs ar Tiarna Iosa Criosta chum na beatha 
mairionnaich ; agus gu'n deònaichadh Dia dhiubh a' bheann- 
achd so,— air sguth Chriost a-mhain. Amen. 



14 



Mathanas do dhiu nam peacach. 

Thainig Mac an duine a shireadh agus a thearnadit an ni 
sin a bha caillte, Lucas xix. 10. 



'Se so an turascaomh air an d'thainig Mac siorruidh Dhia, 
Teachdair na sithe, am Fear-rèite eadar Dia agus daoine, " A 
theàrnadh na bha caillte ! !" Tha ni-eigin uamhasach mòr- 
alach anns. an tròcair ata 'n so iar k gairtn. " A thearnadh 
na bha caillte!" Ciod ? — Na dù-bhaobhan ? na dù-phea- 
caich ? An tèarnar iad sin ? Tèarnar ; na h-uile h-aon a thig 
gu IOSA — tèarnar gu dearbh iad; oir chuir e-fein 'an ceill 
gu'm mathar gach uile ghnè pheacadh agus thoibheum do'n 
fhior aithreachan, (Mata xii. 31.) Pol, a bha 'na fhear- 
toibheum, chaidh sin a mhathadh dha, agus a chur 'an dreuchd 
Searmonaiche, a shearmonachadh an t-soisgeil do shaoghal 
caillte, (Gal. i. 23 ; 1 Tim. i. 12-16.) 



Seall an àird, mata, a pheacaich bhochd, co sam bith thu, 
no cia sam bith mar pheacaich thu 'an aghaidh Dhia, — 6eall 'an 
àird, agus creid anns an Tiarna Iosa Criosta, agus theid thusa 
gu cinnteach a thèarnadh ; chionn chuir Esan fein an cèill 
gu'n d' thainig e thearnadh do leithidsa. Dean aireachas, 
mata, chum's gu'n dubhar as do pheacannan (Gniomh ii. 12.) 
Tèarnar a h-uile fìor aithreachan. Bu pheacach mòr Man- 
asseh — mortair, (2 Righ. xxi. 16) ach ghabh e aireachas, agus 
fhuair e mathanas. Chaidh mathanas a thoirt do mhiltibh de 
luchd-misge, de luchd-mhionn, 'us de mht-chreidich, ('an deign 
aireachais) agus an gabhail a-stigh do rìoghachd nèimh. 
Seall an àird, mata, a pheacaich bhochd fhaiteich ; dean air- 
eachas, agus creid deònachas* Dhia air thusa mar an ceudna 
ghabhail g' a chaoimh, agus -;ha tilgear a-mach thu. Cha 
chomas do ni sam bith do sgrios ach wi-chreidimh. A mhàin 
thig gu IOSA mar pheacach truagh caillte, agus gheibh thusa 
slàinte — tha so cinnteach. Amhairc air Criosta, agus bi iar 
do sbaoradh. 



*B'i toil an Tiarna an earrann so a dheanamh 'nà meadboin 
air òganach iompachadh a bha 'na shrutbaire scaireapacb. 
Dh' eug e a' deanamh apibhnis ann an Criosta. Do'n Tiar- 
na gu'n robh 'n cliù uile. 

*deòin, toil. 



15 



Mathanas do naimhdibh Dhe ! 

Amhaircibh ormsa, agus bithibh iar bhur saoradh, 'uile chrioch- 
an an t-saogiia.il. Isa. xlv. 22. Sibhse 'ta 'n ur naimhdean 
do Dhia !! Rom. v. 10. Fad as, a' colionadh iarrtasan na 
feòla agus na h-mntinne. Eph. ii. 3, 13. Iarraibfwse an 
Tiarna. Isa. lv. 6. 

! thusa, a pheacaich chiòntaich, throm-luchdichte, cluinn 
an cuireadb beannaichte so : cluinn guth Dhia ! Amhairc 
air, mar Dhia a ta rèith riut trid fail Chriosta. Cluinn guth 
na tròcaire ta 'gairm gu ruig fior iomallaibh an talrnhinn ; 
a' gairm air a' Mhisger, air an Toibhèumiche, air an Eas- 
creidach, air na h-aingidh de gach uile ainm agus inbbe; — a' 
gairm air nah-uile Ceannairceach dalma seacbranach e dhean- 
amh tiireachais, agus roinn a ghabhail de 'n tròcair sin a ta 
'marsainn gu siorruidh ! 

Ged a cbuiradh na h-Aingil naomha air ghlèus am feairtean 
mor-chumhachdach, agus ged a tbogadh iad an àird na dàin as 
binne fonn, gidheadh, cha bu chornas dhoibh luaidh iomchaidh 
a dheanamh air anabarras a' ghràidh sin a thug Dia do phea- 
caich* 

'Se Dia amhàin — do'n aithne gràdh Dhe. 'S ann dasan 
ambàin a's aithne anabarras a thròcaire fèin, — ach 's aithne 
dhuinne gu bheil i làn-phailt air son ar fèuma-ne, — agus 
nach comas do pheacach truaillidh sam bith teachd gu Dia 
ann an diombanas ma thig e ann tie Iosa Criosta. 

An dean tbu maille, ma ta ? An dean thu fuirach ? An 
dean tbu stad ? Am beil thu a' diiiltadh dol a-stigh do 
neamh ? An annsa leat an t-slighe chas a ta 'g aomadh sios 
do dh-IFRINN ! ! ! O ! a pheacaich ! stad, — stad, — agus pill 
gu Dia. Na h-amhairc air do pbeacaibh, ach seall air 
Criosta. Theagamh gur he 'w Màirach — do chrioch. Iarr 
Criost an diugh: 's a' cheart uair so: 's a' cheart mhionaid 
so, — agus teicb air son do bheatba ; — tetch, mu'n iath lasraich- 
an an ifrinn umad, 's mu'n caillear t-anam gu siorruidh. 

Air raon an t-soisgeil stad, a pheacaich, 
Faic Mac Dhia a' taisban gràidb 
Do-labhairt ' fhulangais, 's gach sochoir 
Rinn e chosnadh dhuit le ' bhàs. 

Mathanas do na h-Aingidh. Faic Esec. xviii. 21, gu deìr» 
eadh ; agus xxxiii, 11» Rannsaich iad sin. 



16 



Luchd a' chridhe Bhriste. 

Chuir an Tiarna mi a shlànachadh muinntir a' chridhe bhriste* 
a shearmonachadh saorsa do na ciomich, a chu? fa sgaoil 
na muinntir a ta sàraichte. Lucas vi. 18. 

A leughadair ! — Theagamh gur bantrach bhochd tbùrsach 
thu, a ta 'eaoidh neach bu ghràdhaiche leat na do bheatha 
fèin ; — neo, theagamb gur duine tiom-chridhach thu, a chaill, 
ò cheann ghoirid, tè bha 'nà cul-aoibhnis do d' shuilibh, 
c^ile do shòlais agus do bbròin. — Acb cò sam bith thò, a 
chàraid, neo cia bith docair a tha 'cur ort, tha AON neach 
'an so a tha toileacb agus ullamh à togail uile dhiot, agus do 
chridhe briste a shlànachadh ; tha e deònach air do bhròn a 
thionndadh gu òran molaidh,le e-fein a thiodhlacadh ort mar 
làn èirig air son do challtachd gu lèir. 

An ceart sgaradh so a tha thu 'g acain, ged is beachd leatsa 
gu bheil e dorcha, diomhair, theagamh gur meadhain e gus 
do threòrachadh gu slighe na slàinte, ma shlèuchdas ta aig 
stairsneach na tròcaire. Nach robh thu a' deanamh dearrnaid 
air mòr-sbochairibh d'anma, 'nuair bha gach cùis a' soirbheach- 
adh leat ? Nach trie a leig thu seachad cothrom air ùrnaigh 
a dheanamh, agus air cliù a sheinn? Nach bu truime do chion 
air a' chrèutair na air a' Chruthadair ? Agus nach do chaid- 
ir thu gnothachas peacach 'an àìte bhi 'g àrach naomhachd ? 
Theagamh gu'nrobh thu 'd mhisger, 'ad fhear mhionnan, no 
'ad chùl-sleamhnaiche, agus gur h-e sin fàth mu-m bheil thu 
'd sheasamh le cridhe briste 'am fianuis an Tiarna. Ach 
nach 'eil comairc dhut ann ? Seall air toiseach na h-earrainne 
so, a tha cho freagarrach do d' chor muladach, — agus tilg thu- 
fèin aig casaibh an Ti a theirinn à nèamh " a chur na muinn- 
tir bhrùite m'a sgaoil, — a shearmonachadh saorsa do na 
braighdibh, agus a leigheas luchd a' chridhe bhriste, agus, cia 
bith suarrach 's a bha thu, cha tilg e uaithe thu, agus cha leig 
e air falbh thu gun bheannachd. 

Thig, a lobhrain, glac an t-àms' 
A dhearbhadh gràdh mhic Dhè ; 
Is miann le ghaol do chobhair, 
'S ann an comas tha e trèun. 

Cha 'n urrainn peacaich, a chaoidh, a bhi cho toileach an 
leigheas, 'sa tha Criost air an leigheas a dheanamh. 



n 



Foìs do'n mhuinntir Sharaichte. 

Thi°ibh h-itgamsa, sibhse uile a ta sàraichte, agus bheir mise 
dhuibh fois. Mata, xi. 28. 

Ann an so, tna Esan d'an urrainn a-mhàin uallach na ciont 
agus a' pheacaidh a thogail dhinn a' toirt saor-churadh do 
gach uile pheacach sàraichte, trom-luchdaichte ; — cha'n e a- 
mhain gu'm faod, ach fèumaidh gach uile neach a tha fo 
throm a' pheacaidh teachd gu Iosa, sacaichte le cionta mar a 
ta e, ma's dùil leis gu'm faigh e mathanas. Fhad's a bhios 
sinn ag oirpachadh air sinn fein uighimachadhle bhi deanamh 
deasachaidh naomha do! h-uige, 'sann a tha sinn a' lionadh na 
slighe le cip-thmslidh a ta bacadh ar n-anama o ruigsinn air 
slainte Chriosta. Is miann le Criosta thoirt oirnn creidsinn 
annsan a ta fireanachadh nan aindiadkach, agus uime sin, 
cha'n eil e 'g iavraidh gu'm biomid diadhaidh mu'n creid 
sinn ; thainig esan mar lèigh do na daoine thine, agus cha'n eil 
e 'g iarraidh air chor sam bith gu'm biodh a' bheag de'n slàinte 
air à h-aisig dhoibh mu'n tig iad d'a ionnsaidh fein. Tha 
na peacaic'h a's diutha ' th'ann, deas-fhreagarrach air teachd 
fo'n innleachd thròcairich so, — innleachd do'n run anabarras 
saibhris ii ghràis-san a thaisbanadh, a' mathadh ar peacannan 
agus 'gartèarnadh gu saor. Eph. ii. 5—9. Cha mhasladh sam 
bith e do Chriosta, agus cha dimeas no tàir e air ceartas no 
air naomhachd Dhè, sinn a thighin chum an t slànaigher 
'nar peacaich thruaillidh ; ach is tàir agus dimeas air gràs 
slàinteil, air toillteanas agus air lànachd Ios' e, sinn oirp a 
thoirt air sinn-fein a dheanamh llreanta agus naomh, mu'n 
gabh sinn ri Criose e-fein, agus ri làn naomhachd agus làn- 
fhìreantachd annsan trid gràis. 

A pheacaich a ta trom fo chràdh, 
Thoir ort gu Criost 'us gheibh thu slàint, 
Tha aige air gach galar buaidh, 
S cha diult e fòir do thruagh nan truagh. 

Rannsaich na h-uile teagasg a ta iar an cur sios 'san leabhrach- 
an so. Bheir sin dhut sòlas, agus dearbhidh e na firinnean 
a ta so iar an ainmachadh. 



18 



Cumhachd Chriosta mar t*iglnche. 

Slànaìch mi, ! Thiarna, agas lithidh mi sCdn (Freagairt 
Dhia:) Is m ise an Tiarna d' fhearslànachaidh. Ecsod. xv. 
26. Iadsan a ta slàn cha'n eil fèum aca air lighiche. Mata 
ix. 12. Chunnaic mise a shlighean agus slànaichidh mi e. 
Isa. lvii. 18; xliii. 3 ; Ixi. 1. Leighis e na h uileneach a 
bha euslan. Mata viii. 16. 

Le bhi leigheas gach eucail chorporra thug Criosta seachad 
comharradh air a chumhachd 's air 'à ghràs, gu'm b'urrainn 's 
gu'm bu mhiann leis uile eucailean spioradail ar n-anamannan 
a leigheas, a dh'aindeoin an olcais agus an cunnairt. Uime sin, 
leig thu-fein gu buileach thairis fa chùram ; tha tuigs' aigesan 
air do ghalar, agus ni e gu cinnteach d' aiseag gu fallainachd. 
Tha e iar mòran a leigheas mar thà ; seadh, gach uile aon a 
dh' iarr riamh air e, shaor e o'n anfhainnachd. Cha chomas 
dhut gu bràth a bhi ann an cor tuille a's olc no truagh air a 
shon-san. Tha e do ghnàth toileach agus comasach furtachd 
a dheanamh. Mai' is miosa do chor-sa, 'sann is mò a thruas- 
san agus fhoghidinn riut. 'Se a dhòigh-san, mu'n slànaich 
e sinn, a thoirt oirnn a làn-thuigsinn gu bheil sinn euslan, 
agu- ar leòintean a dheanamh na's farsainge 's na's farsainge. 
Ach, a thaobh's gur ann an sin a's mò ar teum air an lighiche, 
'sann is dùrachdaiche 's èudar dhuinn aslach air, cuideachadh 
leinn, — agus air chinnte ceanglaidh e suas sinn a-rist, agus ni e 
ar leigheas; cha'n ann mar chòmhlamh, a-h uigh air 'n uigh; 
gu tric-gu h-athaiseach, — ach gu h-iongantaeh, ach mu dheir- 
eadh, gu buileach ; oir leighisidh e gach uile ghalar eadhoin 
na galair a's do-leighise. 

An uair a thuigear gu math an soisgeul, (an deagh sgeul sin 
a thainig o neamh) agu^ a ghabhar gu dleasanach ris, casaidh 
e an cridhe 'an aghaidh gach uile pheacaidh, agus cuiridh e 
tilr-stad air cead a bhi 'ga chleachdadh ; agus aig an am 
chèudna, bheir e foigh ro bheannaichte do chogaisibh leòinte 
na dream a ta 'nam peaeaich, le bhi mèudachadh an dòchais 
agus an dearbliachd gu'm faigh iad mathanas trid an Fhir-tag- 
raidh bheannaichte sin a ta againn far am beil an t-Athair, eadh- 
oin Iosa Criosta, am tirean, a's e an iobairt-rèitich air son ar 
peacannan-ne ; agus chan e sin a-mhàin, ach air son peacann- 
an an t-sacghail uile. 1 Eoin, ii. 1, 2. 



19 



Eolas air ar Slainte. 

Tha fios againn gu bheil againn togail o Dhia, iigh nach d'- 
rinneadh le làmhaibh, siorraidh anns na nèamhaibh, — oir 's 
a' (bhothan) so tha sinn ag osnaich. 2 Corint. v. 1, 2, 4. 

Is beannaichte an ni e, ar faotainn ag imeachd ann an slighe na 
slainte, ach is nì e a's beannaichte gu mòr, fios a bhi againn 
gu bheil sinn ag imeachd innte, agus gu bheil gach ag agus 
eagal air an rèiteach air falbh, chum's gu'n dean sinn daonn- 
an dol romhinn 'nar dian-shiubhal, ri h-aoibhnas anns an 
Tiarna, ar neart, ar bun, agus ar n-earbsa. 

Seadh, mata, a charaid, rinneadh am paiper so a sgribh- 
adh air do shonsa, le fear a tha nise fad ioma bliathna a' siubh- 
al air an t-slighe gu Sion, 'se fosmuairein, 's fo gheilt nach à' 
amais e, ma dh' fhaoite, air a chasàn cheart, agus nach ruig 
e fadheòidh air a' ghloir shiorruidh 

Ciamar, ma ta, a ta dearbh-FHios againn gu bheil togail a- 
gainn o Dhia, — gu bheil cònaigh deasaichte dhuinne ? 
còmhnaigh do'm faigh sinn gu cinnteach astigh, agus 'sam 
bi sinn g,u bràch maille ris an Tiarna ? Am bheil thu 'g 
osnaich anns a' bhothan thalmhidh so — air son do pheac- 
aidh ? Am beil fir ghràin agad air a' pheacadh ? An 
dealaicheadh tu ris na'm b' urrainn thu? An i naomh- 
achd do'n Tiarna cion d' anma? Ciod ma's i, is cion fàth 
do'n nuadh-mhothachadh sin, a ta cho calg-dhireach 'an 
aghaidh na b' àbhist dhut, aon uair, fhaireachdinn ? A 
charaid, 's e èarlas air an Spiorad Naomh a ta ann. (2 Cor. 
v. 4, 5.) Cha deanadh tu gu bràth osna mu d' pheacadh mur 
biodh agad an èarlas bheannaichte so air an aoibheas a thig 
ort 'na dhèigh. Am bu ghnàth leat a bhi mar tha thu 'n trà 
so ? 'S e 'n t-ànam ath-nuadhaichte a mhàin a fhreagras — 
Cha b'eadh. Is dearbhadh beannaichte so agus culaidh-mhis- 
niche dhutsa, a cho-imiche do Shìon, gur crèutair nuadh 
thu gu dearbh, aig a bheil mor-chòir air iobairt agus air fir- 
eantachd Chriosta, agus gur h-oighre air slàint' thu. 

Glac so mar fhurtachd agus mar shòlas, — gur b-èarlas e 
air Spiorad Dhè 'bhi 'g oibreachadh annad, iomagainn a bhi 
ort fios do chor a bhi agad, agus leis a so gu'm faod thu dearbh- 
fhio.s a bhi agad gu'n deachaidh do shèuladh 'nad oighre air 
glòir. (Galat. iv. 6, 7«) Glac so mar fhurtachd, agus bi tain- 
geil, agus cuimhnich nach fàg, agus nach diòbair Dia gu 
bràch iadsan do'n dean e aon uair a chhnant fhoiJlseachadh. 
Sahn. lxxxix. 27— 34 ; Rom. viiK 39, 38 ; Philip i. 6.) Rann- 
saich gach '«agasg dhiu so 4 



20 



Mathanas Pailt. 

Trèigeadh an t-aingidh a shlighe agus an duine èacorach H 
smuaintean, agus tilleadh e dh'ionnsaidh an Tiarna agus nt e 
trocair air ; agus dh'wnnsaidh ar Dia-ne, oir bheir e math- 
anas gu pailt. Isa. lv. 7. 

A leughadaib, — an duine aingtdh thusa ? Amhairc, le h- 
ioghnadh agus buidhachas, air an trocair a ta ullaichte, ead li- 
on air do shonsa; agus cha'n e a-mhàin tròcair, ach làn- 
mhathanas à d' pheacaibh agus as d'esaontais Honor gu lèir, 
cia bith an àireamh no am mud. Ach, los còir fhaigh- 
inn air an àrd-bheannachd so, fèumidh tu do shlighan peac- 
ach agus do dhroch smuaintean a thrèigsinn, agus tilleadh ri 
Tiarna na beatha agus na glòire. Tha esan 'na sheasamh, 
deas le pailteas gràis gu gabhail riut, agus e a' caomhgheall- 
tainn dhut nach toirear air do pheacaibh iomradh. (Esec. 
xviii. 22.) 

Dùisg, mata, as do dhùiseal, agus tilg thu fèin aig casaibh 
Iosa; grios airsan a thrèun-chumhachd a ghnàthachadh gus 
do shaoradh o na peacaibh 's an fhusa leat tuiteam. Tagair a 
ghealladh fèin, — " nach tilgear a-mach neach sam bith, (air a 
thruimad 's gam bi a chiont,) a thig a chum Dhia tridsan." 
Cha chomas dhut tuille urram a chur air na teachd d' a ionn- 
saidh, peacach mar thà thu, agus creidsinn 'na fhacal, a ta 
gealltainn, — " co air bith a chreideas agus a theid a bhaisteadh 
gu'n teàrnar e." Creid, mata, agus bi THUSA iar do thèar- 
nadh ; — ach cuimhnich mar an ceudna, — " esan nach creid 
gu'n teid a dhiteadh." 

Aslaich air an Tiarna e bhuileachadh ort feairt a Spioraid 
Naoimh fèin, a naomhachadh d' anma, agns a dhearbhadh a' 
pheacaidh ort ; 's ann 'an sin (agus 'an sin a-mhàin) a mhoth- 
icheas tu d' fheum air slànaigher, agus a dh' fhòghlumas tu 
meas a bhi agad air a luach, luach a's prisaile leatsa na an 
saoghal gu h-iomlan. 

Thigam, a Thiarna, dh'iarraidh do ghnùis, 
Dòirt orm frasan de d' ghràsa as-ùr; 
O mothicham m' anam le d' spiorad ath-nuadh, 
'S mo pheacadh iar ionnlad 'am hon-fhuil an uain I 



21 



Peacaich iar an reiteach aim an Criosta. 

Air an aobhar so tha mi 'liibadh mo ghlhn ri Af.hair ar Tiarna 
Iosa Criosta, air an sloinnear an teaghlach iomlan air neamh 
agus air thalamh, gu'n debnaicheadh e dhuibh % à reir saibh- 
reas a ghloire fein, sibh a bhi iar ur neartachadh, fyc- Eph. 
iii. 14« 15, gu rann 21. 



Is ùrnaigh agus riaghailt so, a ta iomchaidh do mbinistear- 
an a ghnàthachadh air son an cuid coithional, agus do gach 
uile Chriostaidh air a shon fèin : faodar à gnàtbachadh mar 
ùrnaigh làthail ; bu chòir à cùr suas ann an creidimh, gun a 
bhi idir 'am beachd, gur tuille 'sa' choir am fàbhar a ta sinn 
ag iarraidh. Ni Dia as ar leth gu h-anabarrach os ceann na's 
urrainn sinn iarraidh n'a thuigsinn. Ciod sam bith a dh' 
iarras sinn, bheir esan dhuinn tuillidh ; chionn, ged is peac- 
aich sinn, gidheadh choisinn Iosa tiodhlacan air son pheacach. 
Agus do gach aon againn (7 rann) bheirear gràs à rèir tiodhlac 
Chriosta, chum's gu meal sinn gach ni gu saibhir, do bhrigh 
gu bheil Criosta saibhir ris gach uile neach a ghairmeas air. 
O ! a Dbia, is tu ar n-Athair, iar do rèiteachadh ruinn 
ann an Criosta : deònaicb dhuinn, uime sin, cumhachd, 
mòr-chumhachd, a rèir saibhreas do ghloire fèin, agus ni 
h-ann a rèir cumhainge ar cridheachan-ne ! Tha sinn 
'am feum mòr-chumhachd, chionn tha naimbdean trèun 
againn : n&artaich thusa sinn le do Spiorad 'san duine 'an 
leth a-stigh. A Thiarna Iosa, còmhnaich thusa 'nar cridh- 
eachan, agus deònaich dhuinn gun gabh sinn frèumh ann ad 
ghràdh, chum 's gu'n gabh sinn tuille agus tuille eòlais air, 
agus gu'm bi e iar a sgaoileadh air feadh ar cridheachan, agus 
gu'n bi sinn iar ar lionadh le uile lànachd Dhè\ 



Tha m 'osna riutsa, 'Dhia, gach lo, 
'S cha mhaoin no or 'tha uam, 
'S ni 'm miannach learn an lèuga's soills' 
' S an Ear ri taobh nan cuan. 

'Siad fàitean beannaicbte do ghràidh 
Tha soillseach' Phàrais shuas, — 
'Se maoin neochriochanach do ghràiv— 
Na tiodhlaic b'àill leam uat. 



22 



Fuasgladh o na peacaibh a chaidh seachad. 

Tha sinn iar ar fireanachadh gu saor le a ghràs, tre 'n t-saorsa 
ta ann an losa Criosta, neach a shonraich Dia gu bhi 'na 
iobairt-rèite, trid creidimh 'na fhuil, a dh '/ ' hoillseachadh 
fhireantachd-san le mathanas nam peacannan a chaidh 
seachad. Rom. iii. 24, 25. 

Cia milis na briathran so — " Tre ghràs (gun toillteanas) tha 
sibh iar bhur saoradh" ! Is tobar comhfhurtachd agus naomh 
shòlais so, a ta 'cur thairis ! Ach cia beag eòlais air na bri- 
athra sin a th'aig a' chuid a's mò de dhaoine faoin saoghalta, 
a ta, fathast a' teacbd beò air na plaoisg ! Cia beag blàis a 
dh'fhairgb'eas ar cuid Chriostaidhean fein-fhireanta, bèusail, 
air na facail sin! Ach O ! cia sòghar an lòn a ni peacach 
truagh acrasach orra! Is ainneamh ni air a bbeil aig sluagh 
cho beag tuigse agus eòlais, 'na chumhachd agus 'na dhearbh- 
adh, na tha aca air rùnaireachd fulangais agus bàis Chriosta 
air ar son-ne, agus air fireanachadh trid creidimh annsan ; 
ged is e so pàras agus beòìaint nan creidmheach, agus an 
lèug a's buadh'ora a dh'aisig an t-Athleasachadh.* — 
'An àm a bhi labhairt air a' pheacadh, cha leòr idir 
cainnt agus dealbhaireachd m' a dheibhinn nach dean amhàin 
ach am mac-meanmuinn a bliualadh ; 's ann a dh' fheumas 
sinn leòintean bàsmhor a' pheacaidh '/haireachdainn, trid am 
marbhar an fheòil, agus fèumar na leòin sin a leigheas le 
dearbh-bhuillean Chriosta. Cha'n eil rathad sam bith eiie 
air, — oir dh'innis Criost e fein, — gur Esan an Rathad, — an 
Fhirinn, — agus a' Bheatha : (Eoin xiv. 6.) nach tig neach 
chum an Athar ach tridsan: — gu'n toir Esan a bheatha air 
son nan caoracb, (Eoin x. 11.) eadhon a' bheatha mhairion- 
nach ; ag radh (Eoin x. 28, 29,) nach teid iad gu brath a dhith, 
ni mo is comas do neach an spionadh as a laimh fein, no à 
lamb an Athar. 'An so, a chomh-pheacaich — 'an so tha 
diongmhaltas diongmhalta da uair;— agus sin air do shonsa — 
ma's kill leat pabhail ns. Gun deanadh an Tiarna deònach 
t,hu 

*Athleasachadh a' chreidimb. 1688. 



23 



Truaighe gun Chrich do na Neo-aithrich. 

Aig deireadh an t-saoghme, theid na h-Aingil a-mach agu* 
dealaichidh tad na Imaìngidh o na fireanaibh ; agus tilgidh 
siad iad do'n àmhuinn theine ; 'an sin bithidh caoidh agus 
diosgan fhiaclan. Mata xiii. 49, 50. Marc ix. 44. 

Geda tha ioma earrann thaitneach anns an leabhran so, a 
thàladh no a tharraing pheacach a dh'ionnsaidh Chriosta, a 
mhealtainn a ghraidh mhathanaich, gidheadh, cha'n fhaodar 
a chleith, gu bheil truaighe shiorruidh a' feitheamh orrasan a 
dhiùltas an cuireadh gràsmhor. 

Is e run a' phaipeir so sanuis a thoirt do pheaciich 'an 
aghaidh a' bheachd mheallta sin a ta cho coidheanta, 's e sin, 
— a chionn gu bheil Dia tròcaireach, nach dean e peanas air 
peacaich. 

" Tha Dia ann an corruich risan aingidh gach latha," Salm 
vii. 1 1. Agus *' geda dh-iathadh làmh mu làimh, gidheadh cha 
teid an t-aingidk as gun pheanas." Gnathf. xi. 21. 

'Si so cainnt an Scrioptuir — focal Dhia, a ta 'toirt sanuise 
tròcairich do luchd-easaontais, gun bhuanachadh 'nan diarras, 
agus gun dùlan a thoirt do lasraichean 1FR1NN. 

Thig, mata, a pheacaich ! Seall air an rabhadh so, agus 
seall ort fèin, agus thoir an aire nach eil thus' 'an cunnart 
dòrainne siorruidh. Tog ort, agus mu'n bi e ro anmoch 
Iarr còir ann an Criosta j gabhaidli Esan riut ; cha'n e 
mhàin gu ro thoileach, achgu ro aoibhneach, agusdubhaidh e 
as d' uile pheacannan. 

Faodaidh gur h-e so an rabhadh mu dheireadh a gheibh 
thu gu bràth ; gabh ris, mata, le d' chridhe 's le d' anam uile, 
chum's gu'm bi thu 'ad àithinne iar do spionadh as an teine 
shiorruidh. Deanadh grad-ùrnaigh, air sun gràis gach slighe 
pheacach a threigsinn, an dearbhadh a th' air d' inntinn an 
trà so, a leanailt ; agus biodh cinnt agad gu'n dean an Tiarna 
do chuideachadh agus do shaoradh, chionn saoraidh e gus a' 
chuid a'st'aide mach gach aon a thig d'a ionnsaidh trid Chriosta, 

Tha suil Dhia out — Gabh rabhadh ! ! ! 



24 



Cumhachd Dhia. 

Tha searmonachadh a" chroinn-chexisaidh, dhoibhsan a theid a 
dhith 'n'à amaideachd ; ach dhuinne 'ta iarar saoradk 
(dhoibhsan a chreideas) is e Cumhachd Dhia e. 

An teagasg so,— a ta cho aon-fliillte 'na nàdur, — cho mòralach 
'na fheairtean, — is amaideachd do dhaoine glic an t-saoghail 
so e — ach tuigear gu soilleir e leòsan a chreideas, — ach cha tuig 
dream sam bith eilee. Rinn Dia roghainn de nithe amaideach 
an t-saoghail so a ctnir nan glic fo amhluadh, dream de nach 
eil mòran 'gan gairm gu bhi 'nan oighreachan air glòir — 
thaobhs' gu bheil am fein-ghliocas agus am fein-bheachd 'gan 
druideadh a-mach. Tha an leithidean-san ro àrdanach, 's 
cha'n fhiù leo teagasg a ghabhail o Dhia ; tha iad tuille is 
glic a chreidsinn gu bheil fèum air an ath»bhreith. — uime sin 
tha an sùilean dùinte air làn-dreòs an t-soluis nèamhaidb, 
ged a tha e dealradh le lainnir ghràidh agus thròcaire anns 
gach àite mu'n timchioll. Cha'n ann le deas-chainnteachd 
dhaoine a thàrrar peacaich gu Dia, ach is ann le aimideachd, 
(no le firinnean simp lidh) an t-soisgeil, ashaorar anamannan. 
1 Cor. i. 21. 

O ! a charaid ! — cia bith thu, no cia bith inbhe 'ta thu 
'lionadh 'san t-saoghal, — ma's àrd no iseal thu, — bochd no 
beairteach, — O èisd ri earail neach a chaidh a shaoradh on 
mhearachd bhàsmhoir so, agus a fhuair, gu sona, dearbhadh 
gur h»e Criosta Cumhachd Dhè — gur h-e gach ni e do phea- 
each bochd, chum anam a leigheas, agus a dheanamh rèith 
ris an Dia bheò. 

Ciamòr, mata — cia mòr-luachmhor Criosta ;— cumhachd, 
— neart Dhè ! ! ! Criost, ar saorsa, ar n-IoMA-LAN. 1 Corint. 
i. 31. 

Cuimhnich — nach eil aig ar Tiarna gràsmhor-we meas air 
pearsaibh no air buidhnibh seach a cheile (Mata xii. 46 — 50. 
Gniomh. x. 34, 35,) Tha Criosta a' furan gach uile leis an 
gràdh Dia, agus leis am fuath am peacadh, — gach aon diu, 
agus an leithidean sin aidichidh e air an la dheirionnach. 
(Mata x. 32.) 

Rannsaich na Scriopturan,— chionn 'sann as an ionmhas 
neaml,aidh sin a thugadh gach uile. earail, rabhadh agus mis- 
reach a tha anns an leabhrachan so — leabhran ris an d'rinn an 
Tiarna gabhail gu tròcaireach, agus a rinn c a bheannachadh 
gu bhi 'na mheadhoin air na peacaich 'bu gbràineile ìomp- 
achadh, a ta nise iar an deanamh leis-san 'nan oighreachan 
air a' bheatha shiorruidh. 



25 



Grradh Dhia. 

Ot'r ghr'àdhaich Dia an saoghal cho mbr agus gu'n d? thug e 
seachad 'aon-mhac fèin air 'à sgàth, chum 's cia bithneach a 
chreideas ann nach rachadh e 'dàith, ach gu'm faigheadh e a' 
bheatha mhairionnach. Oir cha'n ann a dhtteadh an tsaogh- 
ail a chuir Dia a mhac d'a ionnsaidh, ach a chum's gu'n 
rachadh an saoghal a shaoradh leis. Esan a chreideas arms 
a' mhac, cha teid a dhtteadh. Eoin iii. 16 — 18. 



O! nach robh na briathran priseil sin iar an tasgaidh gu 
caidreach, aig gach àm, ann ar cridheachan ! — O ! gu'm b'ann 
orra a bhiodh ar smuaintean deirionnach trà oiche, agus ar 
ceud smuaintean 'an àm dùsgadh 's a' mhaduinn : agus b'- 
fbèarr gu'n deanamaid feum dhiu air dòigh 's gu'n socraicheadh 
lad ar leaba-bhàis ann am feasgar ar beatha, agus gu'm biodh 
cìnnt againn èirigh Je h-aoibhneas, maduinn na h-aiseirigh ! 
Agus ciod na smaointean a's beannaichte no a's aoibhniche 's 
urrainn a bhi air m' aire gach la na so : " Ghràdhaich Dia 
mise, eadhon mise fein, an uair a bha mi 'm nkmhaid dba ; 
agus ghabh e a leithid de gbràdh orm agus gu'n d' tbugeaon- 
Mhac air mo shon ?" Beannaich mi le creidimh ann an 
Criosta, an sin is leamsa Criosta, is learn gach uile ni ; (1 Cor. 
iii. 2h) chionn esan nach do chaomhainn a mhac fèin, acb a 
Lubhair suas e air ar son uile, ciamar nach toir e, maille ris- 
san, dhuinn, gach uile ni eile gu saor ? (Rom. viii. 32.) Cha 
cheadaich Esan gu bràth, bràth, do dh-anam creideach dol a 
dhith; thug e 'fhacal air sin. Is Esan a ta 'g ràdh " Cha 
teid mi dhith, cha ditear mi," ach gheibh mi a' bheatha mhair- 
ionnach, ma chreideas mi. Air so togaidh mi, agus as earb- 
aidh mi gus an uair dheirionnach, mar charraig nach gabh 
gluasad. Amen agus Amen. 

O, seinneadh an talamh 's na neamhan àrd, 
Air son a' ghràidh so, òrain chliù ; 
'S gach sluagh 's a che, le teangaibh gleust 
Ard-sheinneadh sèis do Dhia nan diL. 



26 



Gras Dhe. 

Ach trè ghràs Dhe ta mi mar a ta mi. 1 Cor. xv. 10. Ath- 

ghinte^ cha'n ann o shiol truaillidh ach nea-thruailiidh^ le 
facal Dhia. Mar naoidheanan iar an iir-bhreith, iarraibh 
bainne neo-thruaittte an fhacail chum's gu'm beat hatch e sibh. 
1 Phead. i. 23, agus ii. 2. 



Ciod a rinn an dealachadh iongantach eadar Saul am Phair- 
iseach agus Pàl an Criostaidh ? Rinn, Gras. Ciod a thug air 
saltairt air 'an t-seann fbireantachd a bh' aige 'thaobh an 
lagha, agus a bhi 'g iarraidh bhi iar ' fhaotainn ann am firean- 
tachd Chriosta ? Thug, — Gràs : gràs soillseach. Ciod 
anns am beil am fir dhealachadh a ta eadar an dù 
bhèusalaiche agus an dearbh Chriostaidh ? Faodaidh 
giùlan bèusail a bhi far nach eil maoin de ghràs, no urad 
frèumhaig de naomh-chreidimh slàinteil ; faodaidh eagal roi 
'n Tiarna bhi ann, mar sparrar e le teagasg dhaoine, ach cha'n 
ann le teagasg an Spioraid Naoimh. Faodaidh neach freasdal 
air riaghailtean a' chreidimh,— an aire 'thoirt do dh-eireachdas 
o'n leth-muigh, — ainm a bhi dha gu bheil e beò ged tha e 
marbh ; faodaidh àrd-aidmheil a bhi. aige, agus aig an am cheud- 
na e 'na choigreach do chumhachd na Diadhachd. Faodar 
ioma ni tlachdmhor agus cliùiteach o'n leth-muigh a dhean- 
amh, gun aon bheothachadh gràis a bhi 's a' chridhe : leigear 
fhianuis so air Pàl mu'n deaohaidh iompachadh. Am beil 
agamsa 'nam anam am bun'as so ris an abrar gràs ? An 
deachaidh mis' a ghin o'n t-siol neo-thruaillidh ? Am beil 
bias leinibh le Dia agamsa? An do bhlais mi gu 'm beil an 
Tiarna gràsmhor? Ma bhlais, mata, iarraidh mi bainne 
neo-thruaillte an Fhacail. Istoigh leis an naoidheachan glan- 
bhainne nan cioch ; bithidh cion agamsa air bainne an Fhacail 
fhior-ghloin ; agus à uchd sin an t-sòlais deòbhlaidh mi fur- 
tachd agus beathachadh do m' anam. 'S e gràdh an Fhir- 
shaoraidh an cuspair taitneach abhios do ghnàth air m' aire; 
ni sin inntinneach a h-uile car ann an seirbhis Iosa, agus 
cuiridh e impidh orm m' fheumalas a chian-sgaoileadh feadh 
slighe mo bheatha. Ni gràs Dhe ann an Iosa Criosta, mo 
bheachd fharsuingeachadh, mo chridhe 'chumail iriseal, agus 
bheir e orm an cliù ìocadh far an dlighear e. O gu ma h-e 
gu'm fàs mi gach latha le bainne neo-thruaillte an Fhacail, 
agus gu'n àraichear suas mi chum na beatha mairionnaich ! 
Amen. 



27 



Trocair do Pheacaich. 

Iarraibh, agus bhezrear dhuibh : siribh, agus gheibh sibh : 
buailibh an dorus, agus fosgailear dhuibh: oir gach uile 
neach a dh'iarras, glacaidh e ; agus esan a shireas, gheibh 
e : agus dhàsan a bhuaileas an dorus, fosgailear. Mata vii. 
7,«. 

Esan a thig, mar pheacach, dh'ionnsaidh an Dè thròcairicb, 
tre Iosa Criost, a dh' iarraidh beannachdan na slàinte d'a 
rireamh, agus le ùrnaigh dhùrachdaich, a ni feitheamh agus 
buanachadh, thaobh's gu bheil à' dhòchas 'san doigh so, 's 
cha'n ann 'an doigh sam bith eile; — esan adh'iarras beannachdan 
6pioradail 's a' cheud dol amach, gun dàil, agus e cleachdadh 
nam meadhoinean òrdaichte gu leir ;— agus esan a bhuaileas, 
's a ni feitheamh aig dorus na tròcaire, ag cur roimhe gu'm 
faigh e 'stigh, no gu'm bàsaich e 'ga bhualadh — air chinnte 
theid leis. Tha an gealladh saor agus riochdail : Gach uile 
neach a dh'iarras, glacaidh e t no gheibh e. 

Air uairibh, glacaidh, agus gheibh aslachadh mar so, gabhail 
ris gun dàil ; — daonnan 's an am choir ; agus cia bith diù 'sa 
bha bèus agus biùthas an luchd-aslachaidh roimhe so, cha 
bhac sin iad an t-sochair fhaotainn ; oir esan a dh' fhosgail 
an t-slighe air a bheil bealach aca, 'se a theagaisg dhoibh teachd 
oirre, agus diolaidh esan gu fial, agus cha mhaoidh e. 

" Fosgail do bheul gu farsaing," deir an Tiarna, " agus 
lionaidh mis'e. " Iarraibh an ni 's " aill libh," arsa Criosta, 
agus nithear e." Tha mathanas ar peacannan uile, saor, 
buileach, siorruidh ; tha buaidh thairis air gach miann ; tha 
làthaireachd Dhia maille ruinn feadh an t-saoghail dhoilleir so ; 
tha à' ghlòir a' dol seachad roimh ar sùilean agus a' dealradh 
'nar cridheachan ; tha stiilradh, dion, agus neart, solas neamh- 
aidh fhad's is beò sinn, agus neamh fein an deigh dhuinn èug 
— tha iad sin uile ann an comas na h-ùrnaigh — ruigidh iirnaigh 
orra uile ; — ruigidh sinne orra; tha iad, mar gu'm b'e, uile 
'gan cumail an àird fa chomhair ar sùl, agus an sgriobhadh so 
a' dealradh orra gu leir — " Iarraibh agus gheibh sibh." — 
Tròcairean a chaidh a cheannach agus uighimeachadh, a'feith- 
eamh air an duine 'ni ùrnaigh. 

Chaidh an earrann so a dheanamh 'nà meadhon air boirion- 
nach bochd a chur a dh 'iarraidh an Tiarna. Dh' èug i toiseach 
an t-samhraidh 1836, ag èibhneas aim an gràdh na saorsa. 



28 



Pior AithreachaSi 

Agus thubhàirt e r'a skeirbhiseach, gabh suas, a nise, agu» 
amhairc rathad na mara. Aguschaidh e a dh'amharc, agus 
thuirt e, cha'n eil ni ann : agus thuirt e, Fatbà a-rist seachd 
uairean. 1 Righ. xviii. 43. 

Sèa uairean dh'amhairc oglach Eliah rathad na mara mu'm 
bu chomasach dha ni sam bith fhaicinn. An seachdamh uair 
chunnaie e neul nach bu mhò na à" làmh ; gidheadh 'an ceann 
bheagan uairean chòmhdaich an neul sin na spèuran le dorch- 
adas, agus an talamh le h-uisge. Ceart mar so faodaidh 
tachaiit do ioma neach' nuair a bhios e 'gurnaigh ri Dia, mar 
rinn nighean Chàleb r'a h-athair. Breith i. 15. "Gus so cha 
d' thug thu dhomh còir ach air cridhe tioram nec-thorrach, 
aeh thoir an nise dhomh tobraichean uisge — beagan mothach- 
aidh, no air a ehuid a's lugha, beagan biòin air son mo pheae- 
annan. Ged nach toir Dia dhut d'iarrtas, ma dh'aoite, an 
deigh do ghlùn a lùbadh sea uairean, agus ged nach faicear 
aig an t-seachdamh uair ach aon bhraon beag a' fliuchadh do 
shuile, — na caill do mhisneach ; faodaidh gu'm brùchd fras as 
a' bhraon sin ; faodaidh toiseach an tòìseachaidh sin do chridhe 
uile a leaghadh, mu dheireadh, 'na uisge ; agus mara ta làn 
aoibhneasann air son gu'n iompaichear aon pheacach, faodaidh 
gu bheila thomhas fein de dh'aoibhneas ann, air son aon bhraon 
a shileas peacach aithreachail, no a's miann leis a shileadh. 

Ged ghuidheadh tu deich deichean uair 
Gun fhuasglad fhaotainn ann, 
A T « sguir 's na fannaich, oir thig buaidh 
Fadheòidh 'ni suas do chall. 

ClASAM BETH THU Na SGUIR GU BRATH DE BHI 'g URNAIGH. 

Thig beannachd gu cinnteach Mu dheireadh. 

Tha gealladh Chriosta fein agad a' nasgadh gu'n dean 
e so. Ciod sam bith a dh'iarras sibh ann am ainmsa gheibh 
sibh. Eoin xiv. 13. 



Chuir boirionnach òg, a mhuinntir Rochester, earail air an 
ughdair, fios a leigeil air à buidbeachas agus à cliù do 'n Dia 
uile chumhachdach, air son gu'n d' rinn e, 'na thròcair, an 
Earrann so 'nà beannachadh d'à h-anam-se. 



29 



Aoibhneas air Neamh air sgath Pheacach 
Aithreachail. 

Tha aoibhneas ann am fianuis ainglean Dhè air sgath aon phea~ 
caich a ni aireachas. Luc. xvi. 10. Eiridh mi agus theid mi 
gu m' athair ; — ach, 'nuair bha e fathast astar fad as 
chunnaic 'athair e, agus bha truas aige dheth, agus ruith e,— 
thuit e air a mhuineal, agus phog e e. Luc. xv. 20. Bha mo 
mhacso marbh } 'us tha e nise bed ; — air chall — agus fhuaradh 
ell 

Tha làn-mhisneach 'an so do gach uile pheacach truagh, diob- 
arach, seachranach, tilleadh a dh'ionnsaidh an Athar, — Dia. 
Faodaidh an truaill a's diùtha fo cbopan nan spèur gabhail ria 
an trocair a tha ' n Tiarna 'tairgsinn. Ann an cosamhlachd 
so a' mhic stròghail, tha caomhalas 'us truacantas an Tiarna 
gu ro àlainn 'gan cur an cèill agus 'gan soillseachadh. (Faic 
Luc. xv. 11. gu crich a' chaibdeil.) 

A thaobh nàduir, tha sinn uile 'car struighearan, agus 
bhiornaid oaillte gu siorruidh, mur deanadh gràs Dhia ar 
cridhe a thaisleachadh agus ar toirt gu cas-stol na tròcaire,— • 
chum ar n- Athar neamhaidh, a ta feitheamh chum bhi tròcair- 
each,— a ta làn truacantais— làn gràidh. 

Thoir thusa deuchainn, a pheacaich bhochd, bhuairte, iom- 
luaisgte, 6hàraìchte, — thoir thusa deuchainn ; — tilg thu fèin 
'an làthair an Tiarna, agus mu'n urrainn thu idir a stol-coise 
a ruigsinn, aomaidh e riut, gu d' ghlacadh le righeachan a 
ghràis agus a ghràidh mhathanasaich. 

Tha aig sgriobhaich na h-earrann so dearbhadh sona air 
cumhachd gràidh an fhir-shaoraidh ; agus esan a bha aon uair 
fad as— mar uighe ceuma do bhi caillte gu siorruiph, 
chaidh a nise (mar chuimhneachan air tròcair) a thoirt dlùtk 
trid fuil Chriosta, agus tha e 'na chomas am Fear-saoraidh 
a mholadh do dhiù nan diùtha. 

Cha chomas dhut a bhi iar do mhealladh— no dhol 'am 
mearachd. A chaoidh cha bhris ar Dia gràsmhor-ne a chuilc 
bhruite, agus ni 'm much e an lion fo chaol-smuid. Is ro 
ionmhuinne leis ainm Iosa na gu'n diùlt e glaodh peacaich sam 
bith : (Eoin xvi. 23.) Thoir thusa deuchainn agus, is leatsa 
neamh. Gu'n tugadh an Tiarna dhut misneach — neart, — agus 
creidimh, chum's gu'n rachadh d'anam a shaoradh, agus 
ainm-san a ghlòrachadh. Amen. 



30 



Na h-Oìghean Aimideach. 

Thuirt na h-òighean aimideach ris na h-oighean glice, Thug- 
aibh dhuinne cuid de'r w-o/a, oir tha ar lòchrain iar dol as. 
Ach fhreagair na h-oighean glice, Ni'n tabhair. Mata xxv. 
8,9. 

Cha'n fheumar a smuaineacheadh gu bheil a' h-uile neach a ta 
fo ainm Criostaidh iar a chiallachadh 'an so. 'S iad a-mhàin 
a ta iar an ciallachadh, an dream a ta ri aidmheil chreideasaich 
air an t-soisgeul, agus a ta 'gan giùlan fèin air cbor agus gu 
bheil deagh mheas aig fir Chriostaidhean orra, agus gu bheil 
iad mar sin a' faotainn a bin 'nan comunn. Bha coig glicagus 
coig aimideach de na deich òighean air am beil ar Tiarna a' 
deanamh luaidh. Bha lòchrain aig na h-aimidean. ach cha 
robh ola-earalais aca 'nan soithichean chum an glèusadh : 'se 
sin, bha aca direach urad de chreidimh 's a dh' fhoghainn gu 
sealladh sgèamhail a chur orra, ach cho robh an cridheachan 
gu fior iar an naomhachadk, no iar an lionadh le naomh-chion 
le spiorad nuadh-ghineamhuinneach Dhè. Ach na h-òighean 
glice, 'nuair a theann iadsan r'an lòchrain fèin uighimeachadh, 
bha ola deas aca gu'n lionadh. Ceart amhuil so, tha 'm fir 
Chriostaidh daonnan deas air cheann gach tuiteamais, a dh'- 
aindeoin 's nach eil e, (ann an coimeas,) direach cho furachair 
's a thigeadh dha. Nach mòr an durachd, an dichioll, agus an 
dian-ùrnuigh leis an tigeadh e dhuinn sinn-fein a sgrùdadh, 
am beil no nach eiJ sinn 's a' chreidimh ! Nach ann duinn 
a thigeadh e, sinn a bhi fo fhiamh gu'mfaodar ar mealladh ann 
an cùis 's a bheil urad againn air chunnart, agus nach ruig 
sinn air a' bheatha mhairionnaich ! Cia duracbdach an dèigh 
bu chòir a bhi againn air gliocas siorruidh, agus cia iarrtasach 
a bhi iar ar faotainn fireanta ann am fianuis Dhia, seach a 
bhi taitneach ann am beachd peacaich chlaonbhreithich, thuit- 
eamaich ! Cia uamhasach cor na muinntreach sin aig nach bi 
iarraidh air na nithe a bhuineas do shlàinte, gus an teid an 
t àm seachad ; iadsan nach buail, gus an teid an dorus a 
dhruideadh ! Na deanamaidne, mata, mo chomhpheacaich, 
moille sam bith, ach biomaid gu duracbdach a'deasachadh 
air chionn na fèisde, agus biomaid do ghnath air ar faicile, 
chionn cha'n fhios dhuinn an latha no an uair a thig ar Tiarna. 



31 



Uisge na Beatha. 

Thigeadh esan a ta pàiteach ; agus co sum Uth lets an àill, 
gabhadh e de dh-uisge na beatha gu saor. Taisb. xxii. 17. 

Ma tha mothachadh agad air a' pheacadh, agus air easbhuidh 
nitbean spioradail, agus ma tba togradb agad a bhi iar do 
sbaoradh tre ghràs, ged nach eil fhios agad gur h-e cumhachd 
dhiomhair Chriosta a tha 'gad dheanamh togarrach, gidheadb 
ma thà pathadh ort agus togradh agad, — tba 'an so cuireadh 
agad. Na bi 'cur breislich no breathaill ort fein le 'n leithid 
bo de cheistean, — "Am bheil mis' iar mo thaghadh? Am 
beil còir agamsa ? Am beil mi deas ? — ach geill do'n chuir- 
eadh, agus gabh mathanas, sith, fireantachd, agus a h-uile bean- 
nacbd shoisgeulach mar shaor-tbiodhlacan do'n fhèumach. 
Na'n tugteadh cuireadb gu fèisd do neach 'an comhair bàsach- 
adh le pathadh 'sleh-acras,agusdearbhadh gu'm b'e abheatha, 
agus nan seasadh è 's an iomadan ag radh, A bheil còir agam ? 
An airidh mi ? — nach measteadh 'na stuachdaiche dha, e bhi 
mar so a' moit, agus an èiginn cho cruaidh a' cur air, agus 
bord làn m'a chomhair ? Tha cuireadh aig na daoine sgithe, 
aig na h-acraich, aig na pàitich, aig na neo-thoilltinnich, aig 
na diùtha, creidshm ann an Criosta, a thainig a dh' aon- 
obair a thèarnadh pheacach ; agus a thug dearbhadh dhoibh 
'na fhacal, nach dean e iadsan a thig d'a ionnsaidh mar so, " a 
thilgeadh air chor sam bith a-mach." 

Tha 'n Spiorad, anns an Fhocal, 
A' gairm, 's 'na obair chòrr, 
44 Gu sruth na beatha thigibh 
Agus togaibh leibh na's leòr." 
Esan a ta pki teach 
'S nach urra 'chràdh a chasg, 
Thigeadh e, 'us tkirngeadh e 
A shàth de shlàinte as. 
Esan leis an àill e, 
' Se iàn dith-bheatha òl 
A sruthan mear na slàinte, 
Gun airgiod is gun or. 



32 



Rabhadh Athar. 

Eisdibh) % chlann, ri teagasg Athar; agus aomaibh a ghabhail 
eòlais air tuigse, Gnathfh. iv. 1. Tim sinne a* labhairt an ni 
a's aithne dhuinn^ agus a* toirt fiannis air an m a chunnaic 
sijrn. 1 Eoin. iii. 1. A mhuinntir ghraidh.na ereidibh gach 
wle spiorad ; ach dearbhaibh na spioraid, an ann o Dhia 
tad. i Eoin iv. 1. 

Co sam bith thu, a lè'ughadair, a thig chum an leabhrain so a 
dh'iarraidh eòlais no teagaisg, gabh ris na comhairlean so 
'leanas— comhairlean a dh' fhàs à fad-dhearbhadh, à fad. 
b-heachdachadh : 'sann air sgàth do leas spioradail a tha iad ; 
ma ghabhas tu riutha, cuiridh iad air d' fhaicill this romh 
mhearachdan, agus bheir iad dhut dearbh-bhlas air sith shois- 
geulaich, agus air gaol an Fhir-shaoraidh. Biodh "a' bheatha 
a ta thu nise caitheamh anns an fheòil tre chreidimh ann am 
Mac Dhè." Dean saothair, sior-chomunn, a chumas beò an 
t-anam, a bhi agad ris an Athair 's ris a' Mhac trid an spioraid 
Naoimh. Cùm faire air do thograiunean, air do ghiùian, a^sras 
air do chainnt, air chor's nach cràidhear spiorad an Tiarna T 
agus nach toirear air falbh 'fheairtean sòlasach as d'anam. 
Bi deas chum gach deagh oibre, a reir do chomais agus do 
chothrom : agus thoir aire àraidh nach labhrar gu h-olc mud' 
mhath, a thaobh an t-siùil air an dean thu e. Na tugadh 
seirbhis leth-iomallach sam bith, d'ad thaobh fein no a thaobh 
muinntir eile, ort dearmad a dheanamh air sir aire thoirt do 
ghluasadan do chridhe fein o'n leth a-stigh. Biodh facal 
sgrìobhte Dhè 'na riaghailt neo-chaochlaideach dhut araon ann, 
an run 's ann an cleachdadh. Cia bith leanmhuinn nach adhar- 
taich urram an Fhir-shaoraidh, agus nach dean a ghràs, 'obair, 
agus a shlàinte àrdachadh, bi cinnteach nach ann uaithesan 
a ta 'gar gairm i. Bi dian-iarrtach air macantas, irioslachd, 
foighidinn, fein-àicheadh, naomhachd inntinne, agus air uile 
ghràssn eiie an spioraid : tha iad sin ag iomchar am fianuise 
fein, agus 'èe Diaata 'gan oibreachadh, agus leanaidh iad riut 
'nan toradb gu siorruidh buan. 



33 



Luchd Leanmhuinn air Criosta. 

Lean miee. Luc. v. 36. Agus failing cruaidh-chas mar dheagh 
shaigdear le Criosta. 2 Tim. ii. 3. 

Am b'àill leat Criosta 'leantuinn? Na'm beadh, lean e arm 
am fèin-àicheadh, arm an irisleachd, arm an foighidinn, agus 
ann an ullamhachd air son gach deagh oibre. Lean e agus 
crann-ceusaidh gach latha air d'iomchar, agus amhairc air a 
chrann-^n chum 's gu'n aodramaich d'eallach. Lean e mar 
d' iùlair agus do dhionair, agus ionnsaich lèursainn le lèurs- 
ainn-*san, agus earb do dhion r'ò ghàirdean-san. Lean e mar 
Charaid nam Peacach a shlànaicheas an cridhe briste, 's a bheir 
fois do na h-anamaibh sgithe, agus nach tilg a mach a h-aon a 
thig d'a ionnsaidh. Lean e le creidimh, a leigeil do thait- 
neachduinn am fianuis Dhè, agus do chòire air neamh, gu h- 
iomlan 'an taice r'a fhuil thoilltinnich, agus r'a fhireantachd- 
san a-mhain. Fadheòidh, Lean e le mòran ùrnaighean. Chionn 
ged tha e làn truacantais, is toil lets mòran impidh a chur air, 
agus an uair a chuireas e roimhe beannachd a bhuileachadh, 
feumaidh tu fathast gleachd ris air à son. Biodh deagh mhis- 
neach agad, — bi làidir anns an Tiarna ; chionn is esan cuid- 
eachadh nan dìobaraeh, — dòchas nan èudòchasach, — slàinte 
nan euslan, — neart nam fann, — saibhreas nam bochd, — sith 
nammuinntir a ta fo bhuaireas, — agus solas nan treachlach, — 
solus nam muinntreach a ta 'an dorchadas, — còmpanach nan 
creachte, — caraid na droinge gun chàirdean,— slighe nan 
iomrallach,— gliocas nan amaideach, — fireantachd nam mi- 
dhiadhaidh, naomhachd nam mi-naomha, — saorsa nan ciom- 
ach, — aoibhneas nan tùrsach, — agus, ann am facal, slàinte nan 
daoine caillte. O mata, lean Criosta, agus treoirichidh e thu 
gu glòir. 

Chum Criost a leantuinn, is tudar dhuinn a bhi a' gnàth 
chlèachdadh urnaigh. Ni dearmad air iirnaigh glamhas fhos- 
gladh, a ghrad lionar lepeacadh, agus ann sin leanaidh sinn 
Satan 



34 



Tha aon ni Feumail. 

'S e so a thuirt an Tiarna Iosa ri Marta, agus le dearbh chòir 
faodarachàradh rìs gach anam a tha gun suim, (ciabith mend 
a stòrais shaoghalta,) de 'n aon ni fhèumailso, ris am beil sonas 
siorruidhgach neach 'an crochadh seilbh fhaotainn air : ehionn 
ged bu le duine an cruthachadh iomlan, agus gun choir aige 
air an aon ni, bhiodh emareaglais Laoidcèa, truagh, ànrathach, 
bochd, dall, agus lomnochd. Ann an Criosta tha uile ionmhas 
a' ghliocais agus an eòlais 'an tasgaidh ; annsan tha againn 
seilbh air math aimsireil agus siorruidh ; oir is esan an t-iomlan, 
agus tha e 'na thasgaidh iomlan do'n chreideach. O ! a leugh- 
adair, ciodsambith eile thadhìth ort, bi cùramach gu'm bi còir 
«gad air an aon nifhèumail : tha d' iomlan siorruidh 'an earbsa 
ris. Ma tha thu mothachail air d' fheum air a ; bheannachd so, 
agus deò-mhiann agad air a mhealtuin, rach gu Iosa. Tha e a' 
cuireadh do leithid ; agus bhèir e e-fein dhut gu saor, gun 
airgiod gun luach ; ehionn b'i a thoil gu gràsmhor a ghealltuinn 
— " Esan a thig cha tilg mi air chop, sam bith a mach." 



35 



Feumaidh sibh a bhi iar bhur n-ath bhreith. 

Gu deìmhinn deimhinn deiream riut, Mur beirear duine aris, 
nach urrainn e rioghachd Dhè fhaicinn. Eoin iii. 3 — 7« 

Tha so gu soilleir a* taisbeanadh nach dean lorn aidmheil air 
Criosta fèum. Cha'n fhoghainn ni sam bith ach dearbh-sheilbh 
airsan anns a' chridhe, trid creidimh. Agus mu'n comas 
dhuinn ruigsinn air so, feumaidh gu'm fairich ar cridhe 
athnuadhachadh trid spiorad Dhè. Feumar ar treòracbadh gu 
r.àdar sgreataidh a'pheacaidh agus na thainig 'na lorg fhaicinn, 
agus bheir so oirnn fuath agus grain a thoirt dha. Feumar ar 
breth o'n spiorad. Earaileam ort a cheist theann so achur ort 
fein. An d' rugadh mise rist? Am beil toil agad a bhi 
fiosrach am beil thu 's a' chor so ? Rannsaich thu fein a rèir 
mineachadh an abstoil air an teagasg, 2 Corint. v. 17« Ma 
tha duine sam bith arm an Criost is crèutuir nuadh e : dh* 
fhalbh seann nithean : feuch chinn gach ni nuadh. An creutair 
nuadh thusa ? An d' fhalbh na seann nithean agus an d' fhàs 
gach ni nuadh ? Am bheil rùintean ùra 'g ad ghluasad, agus 
thu cuimseachadh air criochaibh nuadh ! Am beil am peacadh 
gràineil, agus naomhachd taitneach ? Am beil Criosta priseil ? 
Am mianu leat a mhealtuinn agus a bhi cosail ris ? Am bheil 
thu iomaguinneach aghlòrachadh le d' chorp agus le d'spiord 
a*s leis tein? Ma tha, faodaidh tu a' cheist a fhreagairt 
agus a ràdh, chaidh mise ath-bhreith. 

Bheir an ùr-bhreith dhut ùr-iarrtais, ùr-aignean, agus ùr- 
shòlais. Ant-anam ath-ùraichte mar so, seallaidh e air 'ais le 
mor-iongantas air fad-fhulangas agus trocair Dhia, 'nuair bha 
e 'an ar-amach 'naaghaidh, agus bi'dh ioghnadh air cionnus 
nach deach a thilgeadh amach do thruaigh shiorruidh. Bi'dh 
an cridhe nise lionte le mianna naomh, agus le sir-chion air 
Criosta, agus iadsan anns an d'oibrichan t-ùr-rùn beathail so 
's an taobh a-stigh — faodaidh iad a bhi cinnteach gu'n dochuir 
an Tiarna < shèula orra gu sioRRAinHll Cha chomas do ni 
air bith iadsan a sgaradh o a gràdh gun chaochladh-san. 
Gu'n tugadh an earrann so dòchas agus comhfhurtachd do gach 
anam ata fo dhiobhail misnich 



36 



La a' Bhreathanais. 

Fèumaidh sinn uìle teachd* an làthair Cathair bhreathanais 
Chriosta. 2 Corint. v. 10. 

Agus am beil luchd-fanoid ann, ata gu cuthaich a' leantainn an 
anamianna fein, agus ag cur 'an teagamh nach tig an Tiarna ? 
Tha 'n uair a' dlùthachadh anns nach bi aig Eascreidimh 
tuille teagamh : Tòirleumaidh an Tiarna fein à neàmh le h- 
iolaich, le guth an Ard aingil, agus le trompaid Dhè." Nach 
iad peaeaich a mheathas as, agus a bhios fo gheilt 'nan ionada 
falaich, an uair a thaisbeanar am Breitheamh, ann an làthaìr 
gach neach, aira mhòr»ehathair ghil, agus a chìtear nèamh agus 
talamh a 'teicheadh roi' 'fhianuis ! 'Na làthair seasaidh 
sliochd iomlan an duinne, beagagus mòr : agus theid adhearbh- 
adh, le teisteas Dhe agus le fianuis an cogaise fein, theid a làn 
dhearbhadh, agus a chur an oeill gu follaiseach ciod an sluagh 
a bh'annta, agus ciod a chuir iad 'an gniornh. An sin gair- 
mear 'nan aghaidh a' bhinn chothromach, dho-atharrachaidh, 
dò'n torraicheas siorruideachd : peanas siorriudh air na h-ain- 
gidh ; gheibh na fireanaich a' bheatha mhairionnach. Smuain- 
ich, O, smuainich ciod an sgrios ata 'n crochadh os do 
cheann, a pheacaich dhiarrasaich ; " oir feuch tha e a' tighinn 
le neulaibh, agus chi gach sùile; iadsan mar anceudna a lot e 
agus uile chinnich aingidh na talmhainn ni iad caoidh d'a 
chionn." 'Se nise, nise 'n t-àm taitneach, 'se 'n diugh latha 
naslàinte ; a nise gabh ris mar an slànuighear a ta f d thairgsa, 
mar do shlànuighear uile-fhoghainteach ; agus mar sin theid 
gu siorruidh do liubhairt uaithe mar do bhreitheamh feargach. 

Tha latha uamhasach a' teachd, 

'San toir am Mac air bheò 's air mhairbh 

Ceart bhreth ; a pheacaich, ciamar ni 

Thu teachd a dh'ionns an ditidh ghairbh 

A thoilleas tu air son do ghniomh ? 

O iarr ants' an tròcair chaomh 

A bheirear dhut, gu toileach luath, 

Mu'n loisg am breitheamh suas an saogh'l ! 

DEASAICH GU TACHA1RT RID' DHIA! 

Chaidh ceud agus tri fichead mile de'n leabhran bheag so a 
chlo-bhualadh mar thà ; agus, buidheachas do Dhia, chaidh 
ioma truaghan peacach a thoirt do nèamh leis a bhuaidh a 
chuir gràs an Tiarna ann an iomadh earrann deth ri linn do 
pheacaich a bhi 'ga leughadh. O ! gu'n deanadh e tuille dheth | 
sin 'na àm agus 'na dhòigh mhath fein, gu h-àraidh a-measg I 
nan daoine neo-churamach do'n càinnt a Ghaìlig, de 'm beil |i 
mòran fo theagasg aodhairean neochuramach mi-dhiadhaidh ! 1 
— Amen. I